Wild Moment: Anna Fothergill
Winner of the 2021 John Muir Trust Wild Poetry Competition, Gaelic, P1-4 category - Anna Fothergill - shares A' Bhrù-dhearg.
A' Bhrù-dhearg
Cò tha siud?
Se brù-dhearg bheag bhòidheach a th' ann
Le sgiathan gleansach,
A' sèideadh mun cuairt an sneachd.
Nuair a tha i a' coiseachd mun cuairt
Bidh i a' fagail lorg-coise beag àlainn
Ball beag brèagha dearg mar Rudolf,
A' gobachadh mun cuairt mar fhiadh beag
Airson boiteag bheag airson na h-iseanan aice.
Chunnaic i boiteag bheag mar chlòimh phinc
Agus ghlac a' bhrù-dhearg a' bhoiteag bheag
Na gob orains.
Chaidh i suas dhan nead donn
Far an robh na h-iseanan beaga buidhe.
Chuir a' bhrù-dhearg bheag a' bhoiteag bheag
Anns an nead ach...
Leum a' bhoiteag a-mach as an nead!
© Anna Fothergill, clas 4, Bun-sgoil Mhalaig
- Read more about the 2021 John Muir Trust Wild Poetry Competition in Lochaber